
Seo na h-amasan a tha aig Dualchas na Cloinne:
2.1 Gus beul-aithris Gàidhealtachd na h-Alba a leasachadh.
Tha beul-aithris na Gàidhealtachd a' gabhail a-steach seann stuthan agus stuthan ùra; stuthan lèirsinn, ciùil no beòil; agus stuthan a chaidh a chruinneachadh a thàinig o thùs à Eileanan is Gàidhealtachd na h-Alba, no à àiteachan aig a bheil dàimh chultarail riutha seo.
2.2 Gus na stòrasan a th' againn de bheul-aithris na Gàidhealtachd a chur ann an riochd digiteach.
2.3 Gus cleachdadh na Gàidhlig a leasachadh.
2.4 Gus taic a thoirt do mhion-chultaran eile agus na cànain aca.
Coileanaidh Dualchas na Cloinne na h-amasan aca anns na dòighean seo:
3.1 Le bhith a' cleachdadh beò-fhilmean (cartùnaichean) agus an leithid.
3.2 Le bhith a' cur phrògraman gnìomha air chois.
3.3 Le bhith a' tighinn còmhla ri buidhnean eile.
3.4 Le bhith a' co-obrachadh le cruinneachaidhean tasglainn.
3.5 Le bhith a' misneachadh tuigse agus measadh eadar mion-bhuidhnean Albannach agus mion-bhuidhnean de chinnidhean eile.
'S e buidheann saor-thoileach a th' ann an Dualchas na Cloinne.